Nach mis' tha gu trom, Glas chiambaig nam cheann, Tha mi brist', tha mi aonranach brònach, Oir tha màthair mo chloinn, Bean-ghaoil is mo mhnaoi, Anns a' chladh air an Aoidh fo na fòidean Cha thuig duine gu bràth, Meud mo mhulaid 's mo chràdh, Tha mo chlann air am fàgail gun mhàthair Chan eil madainn no oidhch' Nach bi mi ga caoigh: Air a son shil mi deòirean gun nàire Tha mi cinnteach, a luaidh, Gu bheil thu 'm Pàrras ud shuas, Tha na dh' thuiling thu nis air do chùlaibh Gus an dùin mi mo shùil, Anns a' chadal nach dùisg, Gad ' ionndrainn bi mi, is toirt cliù dhuit. Nach mis' tha gu trom, Glas chiambaig nam cheann, Tha mi brist', tha mi aonranach brònach, Oir tha màthair mo chloinn, Bean-ghaoil is mo mhnaoi, Anns a' chladh air an Aoidh fo na fòidean