Kishore Kumar Hits

Kathleen MacInnes - Fhir an Leadain Thlàith şarkı sözleri

Sanatçı: Kathleen MacInnes

albüm: Cille Bhrìde


Fhir a leadain thlàth
Dh'fhàg thu mi fo bhròn
Fhir chul dualaich chleachdaich
'S bòidhche snuadh ri fhaicinn
Tha do ghaol an tasgaidh
'N seòmar glaist' 'nam fheòil
Fhir a leadain chraobhaich
B'òg a rinn thu m'aomadh
Thug thu mi o m'dhaoine
A fhuair mo shaothair òg
Fhir a leadain laghaich
'S tu mo rùn 's mo roghainn
Nan sguireadh tu thagail
'S an tigh 's am bi'n t-òl
An toiseach a' gheamhraidh
'S ann a ghabh mi geall ort
Shaoil leam gum bu leam thu
'S cha do sheall thu'm chòir
'N gàire rinn mi'n uiridh
Chuir mo cheum an truimead
'S mise tha gu duilich
'S muladach mo cheòl
Tha mi trom an dràsd'
'S e sin fàth mo dheòir
Fhir a leadain thlàth
Dh'fhàg thu mi fo bhròn

Поcмотреть все песни артиста

Sanatçının diğer albümleri

Benzer Sanatçılar