Tha an rathad a'ruith gu tuath Gleanntan sgapte air gach taobh A' ghrian tro ghiuthas nam mor shliabh Saighdean oir dhar leon an agh Thuirt m'anam rium "Nach teid thu null Cuir eallach's cruaidh-chas air do chul 'S gun cuir an t-aite seallach failte oirnn Is bi mi comhla riut an drast" Sunndach a tha mi Tron oighreachd bhoidheach, bhoidheach bhuan Bha thu daonnan na mo smuaint Tro laithean iseal's bristeadh-cridh' Tog orm mo chiall, tog orm mo bhith Le cridhe aotrom, cridheil ciuin A' liuthad cuan a ghiulan do dhaoine Is iad a' triall na slighe bhuat 'S ged tha an saoghal dol bun os cionn Is astar bhliadhnachan tighinn oirnn 'S ged tha mo dhuil ag eirigh suas Is iomadh sgurr a bhios fo sgleo Tha na siantan liath, 's na siantan blath Le blaths cho diamhair is nach gabh e inns' 'S tha'n lus tha fas air croit Dhomhnaill Bhain Cho buidhe'n diugh's a bha i riamh.