Tha dìth nam bròg air Donnchadh Dubh Tha dìth nam bròg air Donnchadh Dubh Tha dìth nam bròg air Donnchadh còir Tha dìth nam bròg air Donnchadh Dubh 'S chan fhaigh e nall gam iarraidh Tha dìth nam bròg air Donnchadh Dubh Tha dìth nam bròg air Donnchadh còir Tha dìth nam bròg air Donnchadh Dubh 'S chan fhaigh e nall gam iarraidh Cha tig e'n-diugh gam iarraidh-sa Cha tig e'n-diugh gam iarraidh-sa Cha tig e'n-diugh neo 'n-dè neo 'n-diugh Cha tig e'n-diugh gam iarraidh-sa 'S gun bhrògan air an truaghan Ach ma tig latha na Bliadhn' Ùr Gun tèid air chùil de m' thuarasdail Na gheibh Donnchadh brògan ùr Leis 'm fhaod e thighinn gam iarraidh Gun tig gun dàil mo Dhonnchadh-sa Gun tig gun dàil mo Dhonnchadh-sa Gun tig gun dàil thar tìr is sàil Gun tig gun dàil mo Dhonnchadh-sa Le bhrògan ùr gam iarraidh Ìm, bàn, bò, chailleach, chuir thu crogan dubh air teallach Ìm, bàn, bò, chailleach, chuir thu crogan dubh air teallach Ìm, bàn, bò, chailleach, chuir thu crogan dubh air teallach Ìm, bàn, bò, chailleach, na dèan tiugh is na dèan tana Ìm, bàn, bò, chailleach, na cuir air ach beagan ìme Ìm, bàn, bò, chailleach, chuir thu crogan dubh air teallach Teann null, fuirich thall Fuirich fada, fada bhuam Teann null, fuirich thall Fuirich fada, fada bhuam Teann null, fuirich thall Fuirich fada, fada bhuam B' annsa leams' an gille donn Air a bheil na dadachan Carson a shuidhinn-sa ri taobh Bodachan a throidseadh rium? Carson a shuidhinn-sa ri taobh Bodachan a throidseadh rium? Carson a shuidhinn-sa ri taobh Bodachan a throidseadh rium? B' annsa leams' an gille donn Air a bheil na dadachan