Kishore Kumar Hits

Sian - Thàinig an Gille Dubh Raoir don Bhaile Seo şarkı sözleri

Sanatçı: Sian

albüm: Sian


Thàinig an gille dubh raoir don bhaile so
'S trom mo cheum on thrèig mo leannan mi
Thàinig an gille dubh raoir don bhaile so
Gur mis' tha gu tinn le goirteas mo chinn
'S ged rachainn don chill cha chluinn mo leannan mi
Gur iomadh bean òg le sìoda agus sròl
A chunntadh le deòin mo chrò crodh-bainne dhuit
Gur guirme do shùil na an dearcag fon driùchd
'S gur finealt do ghnùis na ùr-ròs mheanganan
An gille dubh caol na laighe san fhraoch
'S a ghunna ri thaobh: b' e an fhaodail fhalach e
An gille gun fhoill sa bhaile bho raoir
Nach tiugainn thu 'n choill san rinn mi gealladh riut?
A Cheit a' chùil duinn, ghabh mise dhiot loinn
Gun siubhlainn an oidhche tro choill a' bharraich leat
Mo bheannachd ad dhèidh ma dh'fhàg thu mi fhèin
Ach guidheam cèile beusach banail dhuit
Mo cheist air an òg à broillich Sìol Leòid
Gur math thig an còta bòidheach eangach dhuit

Поcмотреть все песни артиста

Sanatçının diğer albümleri

Benzer Sanatçılar