Kishore Kumar Hits

Sian - Bha Mo Leannan Ann şarkı sözleri

Sanatçı: Sian

albüm: Sian


Ged tha mi 'm ònar sna gleannaibh
Chan eil mo shunnd ris na fearaibh
Gun d' thug mi mo bhòid 's mo ghealladh
Nach dèanainn mo cheann a cheangal
Gus am faighinn fhèin ort sealladh
Mo cheist air sealgair na h-eala.
Bha mo leannan ann
Bha mo leannan bòidheach barail
Anns a' bhail' ud thall
Cha dèan mi seudan a ghabhail
Ge b' e cò thig am rathad
Tha mo dhùil ri d' làimh-sa fhathast
Òganaich as deise gabhail
Fo d' ghunna, fo d' sgèith, fo d' chlaidheamh
B' ùr a' choill an d' fhàs an t-abhal.
Mo rùn mac na mnà Slèibhtich'
A chumadh 's a dh'fhuaileadh lèine
Chuireadh a' sìod air a' phèarlainn
Bu mhòr m' earbs' as do làimh threubhaich
B' fheàrr leam gun dèanainn beairt rèidh riut
'S cha dèan mi sin gu là m' euga.
Dhòmhnaill 'ic Nèill 'ic Iain Bhuidhe
Chaidh do shaothair ort am mutha
Dh'fhalbh a' ghruagach dhonn na siubhal
Le fear àrd na gruaige duibhe
Dhìreadh 's a thèarnadh a' bhruthach
Chuireadh calpa 'n dèidh na spriuthar.
Mhoire, 's e mo rùn an gille
Bha raoir an Eilean na Cille
Beul meachair a' chòmhraidh mhilis
Ghabh mi mo chead dhìot sa linnidh
'S thug siud air mo shùilean sileadh
Guma slàn gun dèan thu tilleadh.

Поcмотреть все песни артиста

Sanatçının diğer albümleri

Benzer Sanatçılar