Kishore Kumar Hits

Sian - Chan Eil Mi Gun Nì Air M' Aire şarkı sözleri

Sanatçı: Sian

albüm: Sian


Chan eil mi gun nì air m' aire
Hò rò na hùilirinn ò ro
Gun neach ris an dèan mi gearain
Och hoirinn ò falbh oro seinn
M' eudail air MacLeòid na Hearadh
'S e m' eudail mòr Mac 'ic Ailein
Ged a chuir thu mi às t-fhearann
Chan e MacLeòid 's mi na bhaile
B' fheàrr dhut mi na Nic a' Mhanaich
Na gin beò de shliochd a seanair
Comann lùbach, breugach, carach
Rìgh gu dè ar n'adhbhar dhòmhsa?
Cha do bhrist mi fèill no Dòmhnach
Cha mhuth' thug mi molt far mòintich
Cha do chuir mi caor' air ròpa
Cha do rinn mi bristeadh pòsaidh
Falbhaidh mi 's cha dèan mi fuireach
Air long bheir mi sgrìob do Mhuile
Naile, creicidh mi mo ghunna
Nì mi dhen stoc clàran chumain
Nì mi dhen ghleus dealgan muilinn
Chan eil mi gun nì air m' aire

Поcмотреть все песни артиста

Sanatçının diğer albümleri

Benzer Sanatçılar