Kishore Kumar Hits

Mairi Macinnes - Mairead Òg şarkı sözleri

Sanatçı: Mairi Macinnes

albüm: Causeway


A Mhairead òg, 's tu rinn mo leòn,
Gur cailin bhòidheach lurach thu,
Gur guirm' do shùil na madainn driùchd,
An dearc air chùl nan duilleagan.
Gur gil thu, ghràidh, nan sneachda bàn,
A' cur air àrd na monaidhean,
Ochòin, a Righ, mo nighean donn,
Nach robh mi thall am Muille leat.
Och, 's i mo mhàthair rinn an call,
'N uair chuir i shealg na tunnaig mi!
'S nuair a ràin' mi 'n linne chaoil,
'S ann bha mo ghaol a' sruthladh innt'.
'S 'n uair a ràin' mi 'n linne chaoil,
'S ann bha mo ghaol a' sruthladh innt'
'S e 'n gunna caol a rinn mo leòn,
Cha tèid e òirleach tuilleadh leam.
Air leabaidh làir chan fhaigh mi tàmh,
'S air leabaidh àrd cha chuir iad mi.
Mi 'n-diugh 's an dè air cnoc leam fhèin,
A' sileadh dheur 's mi turraman.
O Rìgh nan dùl cùm rium mo chiall,
Chi robh mi riamh sa chunnart seo.
'S a Mhairearad òg, 's tu rinn mo leòn,
'S tu dh'fhàg fo bhròn 's fo mhulad mi.

Поcмотреть все песни артиста

Sanatçının diğer albümleri

Benzer Sanatçılar