Oidhche Shamhna dhomh 's mi m' ònar Smaointich mi gun dianainn òran 'S truagh a Rìgh nach mi bha pòsd' Ri òigear a' chùil dualaich Gur a h-e mo ghaol an t-òigear Fear a' chùil duinn 's a' leadain bhòidhich 'S mi gu siubhladh leat far m' eòlais Ged tha 'n còta ruadh ort Chuir thu falt mo chinn gu talamh Chuir thu mo ghruaidh dhearg an tainead 'S truagh nach robh mise 's an anart Mun deachaidh mo luaidh riut Tha mi nochd a' dol a laighidh 'S cinnteach leam gum faic mi aisling Thu bhi sìnte ann 'am leabaidh Tacan air a' chluasaig Tha mo rùn air a' ghille 'S mór mo dhùil ri thu thilleadh 'S mi gu siubhladh leat am fireach Fo shileadh nam fuar-bheann Oidhche Shamhna dhomh 's mi m' ònar Smaointich mi gun dianainn òran 'S truagh a Rìgh nach mi bha pòsd' Ri òigear a' chùil dualaich Tha mo rùn air a' ghille 'S mór mo dhùil ri thu thilleadh 'S mi gu siubhladh leat am fireach Fo shileadh nam fuar-bheann Gur a h-e mo ghaol an t-òigear Fear a' chùil duinn 's a' leadain bhòidhich 'S mi gu siubhladh leat thar m' eòlais Ged tha 'n còta ruadh ort Tha mo rùn air a' ghille 'S mór mo dhùil ri thu thilleadh 'S mi gu siubhladh leat am fireach Fo shileadh nam fuar-bheann Chuir thu falt mo chinn gu talamh Chuir thu mo ghruaidh dhearg an tainead 'S truagh nach mi bha 's an anart Mun deachaidh mo luaidh riut Tha mo rùn air a' ghille 'S mór mo dhùil ri thu thilleadh 'S mi gu siubhladh leat am fireach Fo shileadh nam fuar-bheann Ged tha blàth na bric' air d' aodann Cha do lughdaich siud mo ghaol ort 'S mi gu siubhladh leat an saoghal Nan saoilinn do bhuannachd Tha mo rùn air a' ghille 'S mór mo dhùil ri thu thilleadh 'S mi gu siubhladh leat am fireach Fo shileadh nam fuar-bheann Phòsainn thu dh'ain-deòin mo chàirdean Gun toil m' athar, no mo mhàthar Eachann saor a tha mi 'g ràitinn Bhon 's e chnàmh a' ghruag dhiom Tha mo rùn air a' ghille 'S mór mo dhùil ri thu thilleadh 'S mi gu siubhladh leat am fireach Fo shileadh nam fuar-bheann Tha mi nochd a' dol a laighidh Cinnteach leam gum faic mi aisling Thu bhi sìnte ann 'am leabaidh Tacan air a' chluasaig Tha mo rùn air a' ghille 'S mór mo dhùil ri thu thilleadh 'S mi gu siubhladh leat am fireach Fo shileadh nam fuar-bheann ♪ (Tha mo rùn air a' ghille 'S mór mo dhùil ri thu thilleadh 'S mi gu siubhladh leat am fireach Fo shileadh nam fuar-bheann) Tha mo rùn air a' ghille 'S mór mo dhùil ri thu thilleadh 'S mi gu siubhladh leat am fireach Fo shileadh nam fuar-bheann Tha mo rùn air a' ghille 'S mór mo dhùil ri thu thilleadh 'S mi gu siubhladh leat am fireach Fo shileadh nam fuar-bheann