Gur e mise th' air m' aineol Na hi ri ri si ri a ro O gur mise th' air mo leònadh Na hi ro ri o ho O gur mise th' air mo leònadh Na hi ri ri si ri a ro Bho latha Blàr Inbhir Lòchaidh Na hi ro ri o ho Bho latha Blàr Inbhir Lòchaidh Na hi ri ri si ri a ro Fo ruaig nan Èireannach dòithte Na hi ro ri o ho Fo ruaig nan Èireannach dòithte Na hi ri ri si ri a ro Thàinig a dh' Albainn gun stòras Na hi ro ri o ho Thàinig a dh' Albainn gun stòras Na hi ri ri si ri a ro Le bha dh' earrasair an cleòcaibh Na hi ro ri o ho Le bha dh' earrasair an cleòcaibh Na hi ri ri si ri a ro Thug iad spionnadh do Chlann Dhòmhnuill Na hi ro ri o ho Thug iad spionnadh do Chlann Dhòmhnuill Na hi ri ri si ri a ro Mharbh iad m' athair is m' fhear pòsda Na hi ro ri o ho Mharbh iad m' athair is m' fhear pòsda Na hi ri ri si ri a ro Mo thriùir mhacanan òga Na hi ro ri o ho Mo thriùir mhacanan òga Na hi ri ri si ri a ro 'S mo cheathrar bhràithrean gan stròiceadh Na hi ro ri o ho 'S mo cheathrar bhràithrean gan stròiceadh Na hi ri ri si ri a ro Loisg iad mo chuid coirc' is eòrna Na hi ro ri o ho Loisg iad mo chuid coirc' is eòrna Na hi ri ri si ri a ro Mharbh iad mo chrodh mòr gu feòlach Na hi ro ri o ho Mharbh iad mo chrodh mòr gu feòlach Na hi ri ri si ri a ro Mo chaoraich gheala gan ròsladh Na hi ro ri o ho 'S mo chaoraich gheala gan ròsladh Na hi ri ri si ri a ro Gur e mi a th' air mo leònadh Na hi ro ri o ho