Kishore Kumar Hits

Kim Carnie - Laoidh na h-Oidhche şarkı sözleri

Sanatçı: Kim Carnie

albüm: And So We Gather


Tha grian is gealach is reultan
Anns na speuran os ar cionn
'S iad a' soillseachadh a chruinne
'S a' seòladh loingeas thar tuinn
On dh' òrdaich Thu solus glé-gheal
Ni feum dhuinn' anns an t-saoghal
Biodh do shòlas rèidh dh' ar n-anam
'S Tu fhéin a cheannaich saor sinn
Ò hìl ò ribh ò (Ò hìl ò ribh ò)
Ò hìl ò ribh ò (Ò hìl ò ribh ò)
Ò a Dhè na glòire (Ò a Dhè na glòire)
Ò hìl ò ribh ò hò (Ò hìl ò ribh ò hò)
Tha mi faicinn a' ghath ghil
Teàrnadh o nèamh os mo cheann
Solas uinneagach nam flaith
'S fad tha mis' am laigh' ar leam
'S fheàrr èirigh dh'ionnsaidh do shòlais
Glòir 's onair thòirt dha chionn
Don Fhear a rinn grian san latha (Don Fhear a rinn grian san latha)
Is gealach an àm laighe dhuinn (Is gealach an àm laighe dhuinn)
Ò hìl ò ribh ò (Ò hìl ò ribh ò)
Ò hìl ò ribh ò (Ò hìl ò ribh ò)
Ò a Dhè na glòire (Ò a Dhè na glòire)
Ò hìl ò ribh ò hò (Ò hìl ò ribh ò hò)
An àm dol a laighe dhuinn
Leagamaid ar glùn ri làr
'G iarraidh mathanais gu dlùth
'S na rinn sinn bhò thùs an là
Cuireamaid cùl ris an t-saoghal
Mun leag sinn ar taobh san leapa
Gun fhios nach i uair a' chunntais (Gun fhios nach i uair a' chunntais)
'S faisge dhuinne na a' mhadainn ('S faisge dhuinne na a' mhadainn)
Ò hìl ò ribh ò (Ò hìl ò ribh ò)
Ò hìl ò ribh ò (Ò hìl ò ribh ò)
Ò a Dhè na glòire (Ò a Dhè na glòire)
Ò hìl ò ribh ò hò (Ò hìl ò ribh ò hò)
Ò hìl ò ribh ò (Ò hìl ò ribh ò)
Ò hìl ò ribh ò (Ò hìl ò ribh ò)
Ò a Dhè na glòire (Ò a Dhè na glòire)
Ò hìl ò ribh ò hò (Ò hìl ò ribh ò hò)
Mmmm
Mmmm (hù)
Mmmm (hù)
Mmmm (hù-ù hu)

Поcмотреть все песни артиста

Sanatçının diğer albümleri

Benzer Sanatçılar