Rugadh mi 'teis meadhan na mara Trì lìog o thìr An taigh geal beag agam an sin Le conasg a' fàs mun doras Tha a' mhòinteach ga chuairteachadh Rugadh mi 'teis meadhan na mara An tìr nan garbh-thonn Bha m' athair, mar a shinnsir e Na mharaiche Beò neo-ainmeil, gun ghlòir A' truaghan a bha gann de chliù Moch-thràth is anmoch air muir, air flod Bha m' athair, mar a shinnsir e 'Slaodadh 'chuid lìn Mo mhàthair mar an ceudna 'g obair Dh' aindeoin bhi liath Còmhla rithe, le fallas mo ghnùis Is dh' ionnsaich mi nuair bha mi òg Bhith fàs 's a' saothrachadh buntàt' Mo mhàthair i fhèin ag obair gu cosnadh aran Ò hò-ò-ò Ù hù-ù-ù