Kishore Kumar Hits

Julie Fowlis - Rugadh Mi 'Teis Meadhan Na Mara (Me Zo Ganet i Kreiz er Mor) şarkı sözleri

Sanatçı: Julie Fowlis

albüm: Uam from Me


Rugadh mi 'teis meadhan na mara
Trì lìog o thìr
An taigh geal beag agam an sin
Le conasg a' fàs mun doras
Tha a' mhòinteach ga chuairteachadh
Rugadh mi 'teis meadhan na mara
An tìr nan garbh-thonn

Bha m' athair, mar a shinnsir e
Na mharaiche
Beò neo-ainmeil, gun ghlòir
A' truaghan a bha gann de chliù
Moch-thràth is anmoch air muir, air flod
Bha m' athair, mar a shinnsir e
'Slaodadh 'chuid lìn

Mo mhàthair mar an ceudna 'g obair
Dh' aindeoin bhi liath
Còmhla rithe, le fallas mo ghnùis
Is dh' ionnsaich mi nuair bha mi òg
Bhith fàs 's a' saothrachadh buntàt'
Mo mhàthair i fhèin ag obair gu cosnadh aran

Ò hò-ò-ò
Ù hù-ù-ù

Поcмотреть все песни артиста

Sanatçının diğer albümleri

Benzer Sanatçılar