Kishore Kumar Hits

Maeve Mackinnon - Fiollaigean şarkı sözleri

Sanatçı: Maeve Mackinnon

albüm: Don't Sing Love Songs


Saoil a Mhòr am pòs thu?
Saoil am pòs thu Fiollaigean?
Saoil a Mhòr am pòs thu?
Theireadh gu leòr nach b'urra dhut
Bha dùil gum bu cheannaiche mòr thu
As an robh stòr neo-chumant'
Gu facas do phoc ann an òrdugh
Siubhal air tòir na luideagan
Nuair dh'èireadh am muir ma na beanntan
Suas mu na cruinn 'na ultaichean
Rachadh a' sgiobair fo rùm innt'
'S dh'fhàgadh e chuibhl' aig Fiollaigean
'S beag a bha dhùil aig do mhàthair
Gur ann an Arnol thuiteadh tu
An dèidh cho fileant' 's a bha thu
Air an t-snàthaid mhiosailin
Nuair a thigeadh muir-cùil ort
Suas mu shùilean Fiollaigean
Shealladh e rithist cho geur
'S gum faiceadh e sgiath nan cuileagan
Dhèanadh tu maraich linn-mhòra
Dhèanadh tu stòp is buideal ann
Chuireadh tu math ann an òrdugh
Cearcall air tòin nan tubannan
'S ged a bha Fiollaigean spàgach
Dhèanadh e ceàird a h-uile fear
Chuireadh e lusan 's a ghàrradh
Chuireadh e càl is curranan
Thog thu taigh-geal ann an Arnol
As a robh àird neo-chumanta
Staidhrichean cama le sgàthan
As a' rùm-àrd aig Fiollaigean
'S bha cuid dhen a chomunn bha suarach
Cuid a bha uasal urramach
Leann MacEwen cho làidir
'S thog e droch nàdar Fhiollaigein
Chaidh litir a' null dhan a Fhraing
Is t' eile null a Ruisia
Pàipearan feadh a' Roinn Eorp'
Ag inns' mu phòsadh Fhiollaigean

Поcмотреть все песни артиста

Sanatçının diğer albümleri

Benzer Sanatçılar