An Eilean Uibhist mo rùin Eilean cùbhraidh nan beann Eilean Uibhist mo rùin B'e mo dhùrachd bhith ann An Eilean Uibhist mo rùin B'e mo shòlas bhith air m' eòlas An eilean bhòidheach ud thall Far am faic mi mo chàirdean 'S gheibhinn fàilte nach gann An Eilean Uibhist mo rùin Far am faic mi fir òga Ghearradh mòine nan deann 'S a ghearradh snasail an t-eòrna 'S a chuireadh dòrlach sa bhann An Eilean Uibhist mo rùin Far am faic mi fir liatha Glic-bhriathrach nan cainnt Mean-bheachdach sean-eòlach A' toirt seòladh don chloinn An Eilean Uibhist mo rùin Far am faic mi mnathan uasal Aoigheil, uallachan, trang Tha ro-ainmeil uan stòltachd 'S an gnìomh dòigheil nan làimh An Eilean Uibhist mo rùin Tha coibhneas is bàigh 'Gabhail àit' ann an com Gach neach a chaidh àrach Fo sgàile nam beann An Eilean Uibhist mo rùin ♪ Bi aoigheachd is fàilte Gu bràth feadh nan gleann Fad 's a bhuaileas air tràigh Boinne sàile nan tonn An Eilean Uibhist mo rùin 'S e slàn leis na dh'fhàg mi Bheir mo dhàn-sa gu ceann 'S le m' phiuthar, 's le m' bhràithrean 'S le m' phàrantan thall An Eilean Uibhist mo rùin Eilean cùbhraidh nan beann Eilean Uibhist mo rùin B'e mo dhùrachd bhith ann An Eilean Uibhist mo rùin Eilean cùbhraidh nan beann Eilean Uibhist mo rùin B'e mo dhùrachd bhith ann An Eilean Uibhist mo rùin