Bho 'n tha mi gun sunnd, 's gur dùth dhomh mulad, Cha tog mi mo shùil, ri sùgradh tuilleadh Cha tèid mi le mùirn gu cùirt nan cruinneag, 'S mo rùn am Muile nam mòr bheann Am Muile nan craobh tha 'mhaighdean bhanail, Don tug mi mo ghaoil 's mi faoin 'am bharail; 'S ma chaidh e fo sgaoil 's nach faod mi 'faighinn Gun taobh mi caileagan Chòmhaill Bho 'n tha mi gun sunnd, 's gur dùth dhomh mulad, Cha tog mi mo shùil, ri sùgradh tuilleadh Cha tèid mi le mùirn gu cùirt nan cruinneag, 'S mo rùn am Muile nam mòr bheann Do shlìos mar an fhaoilean, taobh na mara, Do ghruaidh mar an caorann, sgaoilt' air mheangan; Sùil ghorm a's glan aoidh fo chaoin-rosg thana 'S tu 'n òigh a mhealladh gach òigear Bho 'n tha mi gun sunnd, 's gur dùth dhomh mulad, Cha tog mi mo shùil, ri sùgradh tuilleadh Cha tèid mi le mùirn gu cùirt nan cruinneag, 'S mo rùn am Muile nam mòr bheann Tha smuaine neo dhà an tràth-s air m' aire; Cha 'n innis mi chàch ceann-fàth mo ghalair; Ged laidheas mi tràth, cha tàmh dhomh cadal, 'S do ghràdh ga m' sgaradh an còmhnaidh Bho 'n tha mi gun sunnd, 's gur dùth dhomh mulad, Cha tog mi mo shùil, ri sùgradh tuilleadh Cha tèid mi le mùirn gu cùirt nan cruinneag, 'S mo rùn am Muile nam mòr bheann Bho 'n tha mi gun sunnd, 's gur dùth dhomh mulad, Cha tog mi mo shùil, ri sùgradh tuilleadh Cha tèid mi le mùirn gu cùirt nan cruinneag, 'S mo rùn am Muile nam mòr bheann 'S mo rùn am Muile nam mòr bheann