Kishore Kumar Hits

Tide Lines - Cànan Nan Gàidheal şarkı sözleri

Sanatçı: Tide Lines

albüm: Eye of the Storm


Cha b' e sneachda 's reothadh bho Thuath
Cha b' e crannadh geur fuar bho 'n Ear
Cha b' e uisge 's gaillean bho 'n Iar
Ach an galar a bhlian bho 'n Dheas
Blàth, duilleach, stoc agus freumh
Cànan mo threubh 's mo shluaigh
Thig thugainn, thig còmhl' rium gu Siar
Gus an cluinn sinn an cànan nam Fèinn
Thig thugainn, thig còmhl' rium gu Siar
Gus an cluinn sinn an cànan nan Gàidheal
Bheir a-nuas dhuinn na coinnleirean òr
'S ann caraibh na coinnleirean geal cèir
Lasaibh suas iad an seòmar a' bhròin
Taigh aire seann chànan a' Ghàidheil
'S e siud o chionn fhad' thuirt an nàmh
Ach fhathast tha beò Cànan nan Gàidheal
Thig thugainn, thig còmhl' rium gu Siar
Gus an cluinn sinn an cànan nam Fèinn
Thig thugainn, thig còmhl' rium gu Siar
Gus an cluinn, sinn an cànan nan Gàidheal
Ged theich i le beath às na ghlinn
Ged sgàl an-diugh cluinnt nas moth'
O dhùthaich MhicAoidh fada tuath
Gu ruig thu Druim-Uachdar nam bò
Gidheadh an eilean an Iar
'Si fhathast ann ciad chàinnt an t'slòigh
Thig thugainn, thig còmhl' rium gu Siar
Gus an cluinn sinn an cànan nam Fèinn
Thig thugainn, thig còmhl' rium gu Siar
Gus an cluinn sinn an Cànan nan Gàidheal
Thig thugainn, thig còmhl' rium gu Siar
Gus an cluinn sinn an cànan nam Fèinn
Thig thugainn, thig còmhl' rium gu Siar
Gus an cluinn sinn an cànan nan Gàidheal

Поcмотреть все песни артиста

Sanatçının diğer albümleri

Benzer Sanatçılar