Dhèanainn sùgradh ris an nigh'n duibh 'N deidh dhomh èirigh anns a' mhadainn Dhèanainn sùgradh ris an nigh'n duibh Dhèanainn sùgradh ris a'ghruagaich Nuair a bhiodh an sluagh nan cadal Dhèanainn sùgradh an àm dùsgaidh 'N àm na siùil a bhith 'gam pasgadh DiLuain an dèidh DiDòmhnaich Dh'fhalbh sinn le Seonaid à Arcaibh Bha muir gorm a' ruith fo cuinnlean 'S i cur still à grunnd an aigeil Riof ga ceangal 's riof ga fuasgladh Muir ma guallain, fuaim is fead oirr' Null ma Chaolas na Ròimhe B'fheudar dhuinn am bòm a leaiseadh Null ma chaolas na Frainge Maide 'na làimh, gaoth ga greasad Cha robh ròp a feum a splaidhseadh Air mo mhaighdinn ri tighinn dhachaigh Dh'fheumadh pòrsan thoirt à bùth dhith Ged a bhiodh e crùn an cairteal Ged a bhiodh a crùn an t-òirleach Dh'fheumar pòrsan dheth thoirt dhachaigh